收聽Capercaillie的Oran Air Bhreith A Phrionnsa Tearlaich歌詞歌曲

Oran Air Bhreith A Phrionnsa Tearlaich

Capercaillie2019年11月1日

Oran Air Bhreith A Phrionnsa Tearlaich 歌詞

Oran Air Bhreith A Phrionnsa Tearlaich - Capercaillie

'N naigheachd a fhuair sinn an drasd'

 

A thainig oirnn nuadh do'n tir

 

Chuir m'airtneal air chairtealan uam

 

Dh'fhag aigeantach uallach mi

 

Cha bhi sinn tuilleadh na's mo

 

Aig Deorsa fada fo chis

 

Thig sonas ri linn a' Phrionns'oig

 

'S gheibh fir tha air fogradh sith

 

Rugadh Phoenix thall anns an Roimh

 

Sgeul aigeantach mor ri 'linn

 

Gum bi neart agus ceart mar ri treoir

Do'n fhear sheasas coir an Righ

 

Theid a' chuibhle fhathast mu'n cuairt

'S am fear a tha shuas bidh e sios

 

Bidh am fear a tha streapadh gu h-ard

 

'S fear eile gu lar tuitidh sios

 

Tha Neptun a' mionnachadh dha

 

Gum bheil muir dha co reidh us tir

 

Tha Aeolus a'feitheamh a ghnath

'S a'gleidheadh dha baidh a ghaoith

Tha Mars us a chlaidheamh 'na laimh

 

Le buaidh-chath' 's gach aite am bi

 

Tha plannta nan duilleagan tlath

Toirt urraim 'nan aiteachan fin

 

Thig muthadh air fonn as droch-ghne

 

Cha bhi dris ann an lar nach crion

 

Bidh gach tulach 'na iomairibh reidh

 

'S fasaidh 'n cuithneachd air aodainn shliabh

 

Cha dean sinn tuilleadh cion-fath

 

O'n a theirig an fhreumh nach cinn

Sin an gartlann a ghlanadh o'n charr

 

Bha bacadh dhuinn fas ar siol

 

Sgeul eile cha cheil mi an drasd'

 

Cuiridh coille trom-bhlath os ar cinn

 

Cuiridh 'n talamh gun airceas de bharr

Tacar mara cur lain's gach lion

 

Bidh bainn' aig an eallaich's gach ait'

Mil air bharraibh nan srabh's gach tir

 

Gun ghainne gun airceas gu brath

 

 

Gun ghaillionn ach blaths 's gach sian