收聽Capercaillie的Nuair a Chi Thu Caileag Bhoidheach歌詞歌曲

Nuair a Chi Thu Caileag Bhoidheach

Capercaillie2017年3月1日

Nuair a Chi Thu Caileag Bhoidheach 歌詞

Nuair A Chi Thu Caileag Bhoidheach - Capercaillie

Nuair a chì thu caileag bhòidheach

Bidh thu 'n tòir orr' airson oidhch'

'S iomadh cron tha 'n cois an t seòrsa

Gun thu bhi eòlach air an cainnt

Ach innse mi mar ghaol na h òige

Mura bheil mo chòmhradh meallt

Théid e seachad mar na sgòthan

'S mar na neòil tha os ar cionn

'S mar na neòil tha os ar cionn

'S mar na neòil tha os ar cionn

Théid e seachad mar na sgòthan

'S mar na neòil tha os ar cionn

Làtha dhòmh's mi falbh air turas

Thachair buidheann rium 'sa ghleann

Càraid òg a' dèanamh cuideachd

Coltas rùn mo chridh' bhi ann

Theann mi ceum a steach na b'aisg orr'

Feuch a faicinn ceart cò bh'ann So that

Chrom i sios is ghabh i nàire

'S dheàrrs an t sùil a bha na ceann

'S dheàrrs an t sùil a bha na ceann

'S dheàrrs an t sùil a bha na ceann

Chrom i sios is ghabh i nàire

'S dheàrrs an t sùil a bha na ceann

Bhuail an saighead mi 's a mhionaid

'S thuirt mi rithe na gabh nàir'

Faodaidh tu bhi cuidhteas mise

'S mi bhi cuidhteas tu gu bràth

Ach théid sinn aon uair eile còmhla

'S ni sinn còrd gun fhios do chàch

'S ma se thusa rinn am briseadh

Gabhaidh mis' an rathad àrd

Gabhaidh mis' an rathad àrd

Gabhaidh mis' an rathad àrd

'S ma se thusa rinn am briseadh

Gabhaidh mis' an rathad àrd

Gabhaidh mis' an rathad àrd

Gabhaidh mis' an rathad àrd

'S ma se thusa rinn am briseadh

 

Gabhaidh mis' an rathad àrd